Bu chòir gach neach astar gach ìre a phlanadh a rèir am fallaineachd agus an comas, agus a rèir na cothroman a th’ ann a dhol a rannsachadh is a dh’fhaicinn diofar àitichean air an t-Slighe. Tha farsaingeachd astair an lùib na Slighe, mar sin cha bu chòir smaoineachadh air na h-ìrean seo mar dhùbhlan aona latha. ‘S àbhaist do dhaoine an t-Slighe a thòiseachadh aig deas agus a crìochnachadh aig tuath, air sgàth is gu bheil ìrean na Slighe nas fhasa aig deas, is tha seo gad ullachadh airson na h-ìrean as dùbhlanaiche agus as duilighe aig tuath. Tha i a’ ruith bho Mhuileann-Ghaidh chun a’ Ghearasdain, is a’ toirt a-steach farsaingeachd air leth de sheallaidhean thar na slighe, bho phàircean dùthchail gu cladaichean, lochan is mòintich, gu beanntan cas. Tha Slighe Taobh an Iar na Gàidhealtachd 96 mìltean (154 km) a dh’fhaid.
0 Comments
Leave a Reply. |
AuthorWrite something about yourself. No need to be fancy, just an overview. ArchivesCategories |